Tha an geama Lorg - Glaschu na phròiseact choimhearsnachd a tha mi a’ cur air dòigh mar phàirt den chùrsa Gàidhlig le bogadh aig Oilthigh Ghlaschu. Bha mi airson rudeigin a chruthachadh a bhios:

  • a’ brosnachadh na Gàidhlig tro chur-seachad spòrsail agus neo-fhoirmeil
  • a’ cur ris an tairgseadh de chothroman agus de thachartasan tro mheadhan na Gàidhlig
  • freagarrach do sgoiltean, theaghlaichean agus bhuidhnean òigridh
  • tarraingeach do dhuine sam bith aig a bheil Gàidhlig agus ùidh ann an àrc-eòlas

Leis gur e pròiseact coimhearsnachd a th’ ann, bidh e uabhasach cudromach beachdan agus molaidhean fhaighinn airson geama spòrsail, cuideachail agus so-ruigsinneach a chruthachadh. Ma tha rud sam bith ann am bu toil leibh faicinn mar phàirt dheth, nach cuir sibh fios thugam. Taing mhòr!

Beagan mu mo dheidhinn:
’S e Moira an t-ainm a th’ orm agus tha mi nam oileanach aig Oilthigh Ghlaschu. Tha am pròiseact seo a’ gabhail a-steach an dà chuspair agam, Gàidhlig agus àrc-eòlas. ‘S ann às an Eilbheis a tha mi o thùs, agus tha mi air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig fad dà bhliadhna gu leth a-nis… nì mi mo dhìcheall, ach bidh mearachdan ann (agus bidh mi toilichte an cur ceart cho luath ’s as urrainn dhomh!)

Webmaster:
’S e Lucas an t-ainm a th’ orm agus tha mi nam oileanach saidheans coimpiutair. ’S toil leam a bhith a’ cur seachad ùine ag obair airson pròiseactan mar an làrach-lìn seo a thoirt gu buil. Tha mi toilichte pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact seo agus tha mi ’n dòchas gun obraich a h-uile càil gu sgiobalta!

Fiosrachadh Laghail

Fiosrachadh Laghail